Làithean trang le siubhail is planaichean – le Brian Ó hEadhra

09 Dàmhair 2022

Tha mi nam shuidhe aig port-adhair Barcelona a’ feitheamh airson itealan dhachaigh gu Inbhir Nis (tro Lunnainn). Tha mi air a bhith aig co-labhairt Lìonradh Folk Eòrpa ann an Catalòinia far a bheil fèill reic chiùil Fira Mediterrania sa bhaile Manresa faisg air am mainistir ainmeil Montserrat.  

Thàinig barrachd na seasgad daoine bho air feadh an Roinn Eòrpa còmhla airson bruidhinn mu staid na h-ealain tradaiseanta agus ciamar a b’ urrainn dhuinn a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile airson mathas nar n-ealain diofraichte.    

Brian Ó hEadhra, Carol Main (Live Music Now Scotland), Tom Besford (English Folk Expo), Catriona Hawksworth (Creative Scotland), Tina Rees (Traditional Music Forum)

Bha na panailean, bùthan-obrach is còmhraidhean gu math inntinneach agus bha e math a bhith cluinntinn mu dheidhinn suidheachaidhean eile far a bheil daoine a’ feuchainn an cultar is ealain tradaiseanta aca a dhìonadh is leasachadh.  Bha còmhraidhean ann mu na dòighean as fheàrr cultar “folk” a neartachadh is leasachadh eadar ginealaich agus dè an dòigh as fheàrr ar luchd-ealain a “reic” gu h-eadar-nàiseanta.

Mar as àbhaist, dh’fhàg mi a’ cho-labhairt le barrachd ceistean na freagairtean, ach bha an cuairt air fad na deagh chothrom dhomh ionnsachadh mu dheidhinn na tha dol le buidhnean ann an dùthchannan eile agus ciamar a b’ urrainn dhuinne ann an Alba a bhith nas fheàrr a bhith a’ dèanamh cùram air ar cultair is cànain.  

Bha mi ann mar neach-ciùil is cuideigin aig a bheil ùidh ann an cultar “folk”.  Tha ceum agam ann am Beul-oideas agus tha ùidh mhòr agam ann an ceòl is òrain tradaiseanta bho dhùthchannan eile.  Bha “bonaidean” eile orm cuideachd is mi a’ riochdachadh NASC (North Atlantic Song Convention), Findhorn Bay Arts, agus Traditional Music Forum (Alba).  Tha mi air a’ bhòrd de gach buidheann siud agus tha mi cinnteach gum bi an t-ionnsachadh a fhuair mi bhon turas seo na buannachd dhaibh san àm ri teachd.

Brian Ó hEadhra, Sean Paul O’Hare (An Lanntair), Catriona Hawksworth (Creative Scotland)

 

An ath-sheachdain bidh mi a’ siubhail thall thairis a-rithist leis na h-aon “bonaidean” orm ach an turas seo, bidh mi a’ dol dhan taisbeanadh ceòl “world” WOMEX ann an Lisbon, Portagail.  Bidh cothrom agam ceanglaichean a dhèanamh le luchd-ciùil eile bhon t-saoghal air fad agus tha mi a’ dèanamh fiughair coinneachadh ris na buill eile a tha san World Music Pan Indigenous Network.  

Aig deireadh an Dàmhair, tha mi fhìn, Fionnag NicChoinnich is an clann againn, Órla is Ró, gu bhith seinn aig an club folk Stonehaven airson a’ chiad turas.  Bidh e math a bhith air an costa an Ear aig an club ainmeil seo.  

San Dùbhlachd bidh mi a’ dèanamh a dh’Èirinn son beagan làithean.  Tha mi a-nis nam Riochdaire Albannach airson am Fèis Eadar-Cheilteach Lorient a bhios a’ tachairt anns a’ Bhreatainn Bhig gach Lùnastal agus bidh mi a’ coinneachadh ri muinntir na fèise is na riochdairean dùthchail eile airson a’ chiad turas ann am Baile Àtha Cliath.  

A’ bruidhinn mu cho-labhairtean, bidh NASC a’ cumail ar co-labhairt bliadhnail aig deireadh a’ Ghiblein ann an Dùn Èideann.  Bidh seinn, cainnt is deagh chompanach aig an tachartas beag seo a bhios ann an Ionad nan Sgeulachdan.  Thig fiosrachadh a-mach mu dheidhinn seo ann an mìos neo dhà.

Bidh na clasaichean Seinn Air Loidhne agam a’ tòiseachadh a-rithist san t-Samhain airson còig seachdainean agus tha fàilte ort tighinn a-steach uair sam bith.  Bidh daoine air feadh an t-saoghail a’ nochdadh airson òrain Gàidhlig ionnsachadh.  

Feumaidh mi ùine a lorg airson clàr ùr a dheasachadh is clàradh; thig e!  

Uill, chì sibh gu bheil gu leòr a’ dol agus ma tha ceist sam bith agaibh mu na diofar tachartasan/planaichean a tha seo, dìreach cuir fios thugam.

www.brian-oheadhra.com

********************

English Summary:
In this blog, singer and cultural consultant Brian Ó hEadhra tells us about his recent trip to the European Folk Network conference in Catalonia as well as his future plans and events including attending Womex in Lisbon, a gig in Stonehaven, teaching Gàidhlig songs online, meetings in Dublin as well as planning the North Atlantic Song Convention in Edinburgh 2023.

********************

Brian Ó hEadhra

Based in Inverness, Brian Ó hEadhra is an established musician, singer, and songwriter and records and performs with acclaimed acts McKerron Brechin Ó hEadhra, Cruinn, Brian Ó hEadhra & Fionnag NicChoinnich, and as a solo artist.  He has also toured extensively and recorded with Anam, Christine Primrose and many other folk-music acts from Ireland and Scotland over a 30-year career.  

Brian is also engaged in supporting and running various prestigious arts and cultural projects in Scotland and across the North Atlantic region.  He is a founding member of the North Atlantic Song Community, Ealantas, Anam Communications, and is a board member of Findhorn Bay Arts, and the Traditional Music Forum (Scotland).  He is the Scottish delegate for the Festival Interceltique de Lorient in Brittany.  

Brian is the Partnerships & Funding Manager with the Scottish Gaelic language board Bòrd na Gàidhlig and has a BA Hons. in Irish Folklore and English Literature from University College Dublin.  

www.brian-oheadhra.com 

NB Brian Ó hEadhra is an Irish Gaelic name and pronounced: Bree-an Ohara